Skip to main content

Fosgladh oifigeil Ospadal an Àth Leathainn leis an Rùnaire Chaibineit airson Slàinte

27th May 2022
official opening of Broadford community hospital

Chaidh Ospadal an Àth Leathainn fhosgladh gu h-oifigeil an-diugh leis an Rùnaire Chaibineit airson Slàinte, Humza Yousaf.

Chaidh an t-ospadal, a tha mar phàirt de phròiseact £40m airson dà ospadal coimhearsnachd, fhosgladh do dh’euslaintich na bu tràithe sa bhliadhna.

Thuirt Cathraiche a’ Bhùird, An t-Oll. Boyd Robasdan: “’S e latha eachdraidheil a tha seo airson coimhearsnachdan an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse is Rois an Iar-dheas agus tha e a’ comharrachadh linn ùr de chùram slàinte anns an Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus na sgìrean dlùth air tìr-mòr.

“Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air an Rùnaire Chaibineit dhan Ghàidhealtachd airson an dàrna turais ann an cò-là-deug airson fear de na h-ospadalan coimhearsnachd sònraichte ùr againn fhosgladh. 

“Coltach ris a’ ghoireas ùr ann an Sràth Spè is Bàideanach, bidh an t-ospadal aig teis-meadhan nan coimhearnsachdan ionadal sna bliadhnaichean ri thighinn.”

Thuirt Pam Dudek, Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd: “Tha an t-ospadal ùr air a bhith fosgailte do dh’euslaintich bhon Mhàrt agus tha e mar-thà a’ lìbhrigeadh sheirbheisan slàinte is cùram sòisealta aig àrd-ìre a rèir feumalachdan dhaoine anns an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Rois an Iar-dheas. 

“Bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile neach a tha air cur ris a’ phròiseas seo a dhearbhas gum bi seirbheisean de leithid rim faotainn ann an sgìre a tha cho measgaichte, iomallach is dùthchail. Tha an obair agus an t-airgead a chaidh a chosg air an dà ospadal coimhearsnachd ann an Sràth Spè is Bàideanach agus san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Rois an Iar-dheas a’ dearbhadh cho dealasach ’s a tha sinn a thaobh seirbheisean a lìbhrigeadh cho faisg ‘s as urrainn air dachaighean.”

Thuirt Humza Yousaf, an Rùnaire Caibineit airson Slàinte is Cùraim Shòisealta: “Tha mi dealasach a thaobh siostam cùram slàinte a lìbhrigeadh a tha iomchaidh agus a chuireas feumalachdan euslaintich aig cridhe chùisean. Tha an t-ospadal ùr seo san Ath Leathann a’ tabhann àrainneachd nas fhreagarraiche chan ann a-mhàin dha na h-euslaintich a chleachdas e, ach dha proifeiseantaich cùram slàinte agus luchd-obrach a tha ag obair gu cruaidh airson muinntir an Eilein Sgitheanaich.

“Is e seo an dàrna ospadal coimhearsnachd a tha e air a bhith na urram dhomh fosgladh aig NHS na Gàidhealtachd o chionn grunn sheachdainean, agus tha e air a bhith na thlachd dhomh fhìn faicinn a’ bhuannachd a tha iad mar-thà a’ toirt do mhuinntir na Gàidhealtachd.”
 
Thuirt Paul McGirk, Cathraiche Gnìomh hub North Scotland, a tha na chom-pàirtiche leasachaidh le NHS na Gàidhealtachd: “Seo an dàrna ospadal coimhearsnachd a thug sinn gu buil gu soirbheachail airson NHS na Gàidhealtachd agus a tha a’ cuideachadh nan coimhearsnachdan sin a bhith nas treasa ann a bhith lìbhrigeadh seirbheisean cùram slàinte.
 
“Tha dòigh-obrach co-obrachail air a bhith aig na com-pàirtichean uile, agus feumaidh mi taing a thoirt do choimhearsnachd an Àth Leathainn airson an taic ionmholta a chum iad rinn is sinn a’ feuchainn ri leantainn oirnn leis a’ phròiseact seo tron ghalar mhòr-sgaoilte.”

Leugh seo sa Bheurla / read this in English

Last updated: 4 May 2023